Bidh mar phàirt dhen sgeul

Struileag: Bàta mhac-mheanmnach a bhiodh air a chur mun cuairt aig cèilidhean. Nuair a bha thu deiseil le sgeulachd neo òran, bhiodh tu ag ràdh "cuiream struileag seachad orm gu..." agus ga chur dhan ath-dhuine.

Cò as a tha sibh? Cò as a bha ur sinnsrean? An robh Gàidhlig aca? Dè seòrsa beatha a bh'aca? Innis dhuinn mur deidhinn neo mu dheidhinn a' chlann agaibh. Innis dhuinn dè seòrsa beatha a th'agaibh. Dè tha còrdadh ruibh? Dè na rudan as a bheil sibh moiteil?

Anns a' Chèitein 2014, bidh sinn a chur air bhog pròiseact ùr air-loidhne a tha air a dhealbhachadh gus sgeulachd eipic nan Gàidheal innseadh, sgeulachd mu dheidhinn sluagh a tha sgapte dha na ceithir àirdean.

Bidh cothrom agaibh a bhith a' cur an sgeulachd agaibh fhèin air a' map, eadar sgeulachdan, dealbhan, clàraidhean fuaim is bhideo, ceòl, bàrdachd – a h-uile seòrsa nì! Faodaidh sibh a' cur ri plotan-sgeul a tha ann mar-tha, neo fear as ùr a chruthachadh dhuibh fhèin. Faodaidh sibh an uairsin na plotan a' chur air làraichean meadhannan-sòisealta, ma thogras sibh.

Tha sinne cuideachd ri lorg air facebook agus air twitter, agus bidh fàilte mhòr romhaibh an sin. Tiugainn còmhla ruinn, bidh mar phàirt dhen sgeul!