Na Bàird

Caoimhin MacNèill

Chaidh na bàird aig Struileag an taghadh airson diofair adhbharan - eadar an stoidhle-sgriobhaidh aca, eadar sgrìobhadairean aithnichte is ùra, eadar diofar coimhearsnachdan is dùthchannan air feadh an diaspora, a leithid Alba fhèin, Canada, Èireann agus a' Ghearmailt. Ag obair còmhla ris an stiùiriche ealantais Jim Sutherland, tha Caomhin MacNèill, an stiùiriche bhàrdachd againn, air cuspairean a thaghadh airson bàrdachd ùr a choimiseanadh. Tha Jim ag obair air ceòl-taic airson gach teacsa, is bidh feadhainn aca air an gabhail mar òrain ùra.

Thug sinne dùbhlan do Aonghas MacNeacail, duine a tha ainmeil air feadh an t-saoghail mar sar bhàrd, agus a chaidh ainmeachadh mar Sgriobhadair Albannach a' bhliadhna ann an 1997, a bhith a' dèanamh haibun, oidhirp gu math freagarrach airson Sgitheanach a tha cho eòlach air bàrdachd an Ear Chèin. Rinn e salm cumhachdach, fada a' toirt moladh dhan a' mhuir.

Tha meas mòr air Anna Frater mar tè dhe na bana-bhàird as ainmeile agus as fheàrr a tha a' dèanamh bàrdachd ann an Gàidhlig an-diugh. Rinn ise dàn làidir dhuinn, a' dèanamh coltas eadar nan Gàidheal agus threudan eile a chaidh am fuadach o dhùthaich an sinnsrean, a' bruidhinn mu dheidhinn "ceòl gach cànan a sheòl leis a’ ghaoith".

Rinn bàrd òg, thalantach Pàdraig MacAoidh pìos bàrdachd a tha a' seasamh na aonar am measg bàrdachd Ghàidhlig – dàn ann an riochd 'rap' - rap Ghàidhlig a tha ag obair - tha e connpsaideach, neo-rèiteachail, toinnte agus ion-chuimhneachaidh.

Aonghas Pàdraig Caimbeul

Rinn Aonghas Pàdraig Caimbeul, bàrd, fear-naidheachd agus actair a tha air iomadh duais a bhuannachadh airson a chuid bàrdachd agus nobhailean, dà dhàn dhuinn – liric neartmhor air a bheil 'A-mach as an Airc', agus ùrnaigh socair air a bheil 'Dia Leat'.

Tha Rody Gorman à Baile Atha Cliath fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann (agus Beurla cuideachd). Rinn e òran mun a' mhuir air a bheil 'Lìon' mar ainm, a tha a' cur an cèill fuaim na mara tro ùine is eachdraidh – bàrdachd dhomhain, bhrìoghmhor.

Tha Mona NicLeòid as an t-Eilean Sgitheanach agus a' Ghearmailt na sgriobhadair gu math ùr, agus rinn i dàn àlainn dhuinn; 'Fo Sneachd', a tha a' toirt còmhla iomhaigheachd nitheil agus eas-chruthachail ann an stoidhle a tha gle shiùbhlach.

Rinn Gàidheal Canadianach, bàrd, òraide agus seinneadair Iain S. Mac a' Phearsain, aig a bheil Frangais, Eadaltaich, Beurla a bharrachd air Gàidhlig a sinnsrean, òran lasanta, liriceach, 'Blasad nan Deur'.

Catrìona Lexy Chaimbeul

Thug Maoilis Caimbeul, fear dhe na bàird is sgriobhadairean Gàidhlig as fhèarr a th'againn, dà dhàn dhuinn. Tha coltas gu math simplidh air 'Fiosaiche na Sioux', ach tha cuspair brìoghmhor ann. Rinn e cuideachd òran luaidh mu dheidhinn duilgheadasan ann an càirdeas eadar fear is tè à diofar chultair.

Fhuair sinn 'Acrach ann an Canada' bho bana-bhàird, bana-actair agus sgriobhadair Catrìona Lexy Chaimbeul, pios bàrdachd annasach, tiamhaidh mun acras "a thog bailtean,/a’ chruthaich eachdraidhean/agus a dh’ fhosgail ar gàirdeanan gu eilthirich"

Fhuair sinn lorg air Babs NicGriogair, bana-bhàird a tha iomrallach, neo-amaisgeil agus iogantach. 'Se neach-iomairt sìth a th'innte, agus tha am bàrdachd aice a' tarraing iomhaighean dànach bho bheatha àbhaisteach. Thug i dhuinn dàn a tha beothail agus glè iomchaidh airson an àm a tha an lathair.

Tha Dòmhnall S. Moireach agus Michelle NicLeòid ag obair air bàrdachd ùr airson Struileag an-dràsta. Fhuair sinn cuideachd òrain miorbhaileach air cuspairean eadar-dhealaichte bho seinneadairean thraidiseanta Ailean Dòmhnallach, Griogair Labhruidh, Brian Ó hEadhra agus Rachel Walker.