Bàrdachd

Tha bàrdachd agus òrain aig fìor-chridhe dualchas na Gàidhlig. Bidh Struileag a' cuir ris an dualchas tha seo, a' cleachdadh bàrdachd ùr mar bun-stèidh a' chuirm againn. Chaidh sgioba bàird chliùiteach a thaghadh bho àiteachan air feadh an diaspora gus bàrdachd ùr a chruthachadh. Le stiùireadh bho Caomhin MacNèill, a tha air iomadh duais a choisinn mar ùghdar agus mar bhàrd, tha an sgioba seo a' rangachadh eadar bàird iomraiteach a leithid Aonghas Dubh MacNeacail agus Anna Frater gu sgrìobhaidairean talantach ùra a leithid Babs NicGriogair agus Mona NicLeòid. A bharrachd air sin, chaidh dàin a dhèanamh le seinneadairean traidiseanta mar Ailean Dòmhnallach agus Griogair Labhruidh.

A' toirt a-steach cuspairean mar 'an dachaigh', 'fèin-aithneachd' agus 'cànan', bidh am bàrdachd ùr seo a' cruthachadh sgeul a' chuirm. Tha aon pios bhàrdachd air a sgriobhadh mar salm saoghalta dhan a' chuain. Tha pios eile air a sgrìobhadh ann an riochd ceòl 'rap', a' coimhead air mar a bhios daoine a' trèigsinn an cultur is dualchas aca, air am mealladh mu dheidhinn beatha nas fheàrr nach eil ri fhaotainn.