Shona NicAoidh

Leas-Stiùiriche Chiùil

Tha Shona NicAoidh na sgriobhaiche-ciùil, neach-ealain ioma-meadhanach agus neach-ciùil a tha a' fuireach ann an Glaschu. Rinn i ceum aig an Oilthigh Glaschu far an d'rinn i trèanadh mar seinneadair chlasaigeach. An-dràsta tha i a' dèanamh PhD aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba.

Chaidh an ceòl aice a chluich le iomadh còmhlan, a leithid Hebrides Ensemble, The Music Lab, Ensemble Thing, Duo9 agus Red Note Ensemble. Ghabh i pàirt ann an Cùrsa Naomh Mhanuis airson sgriobhaichean-ciùil ann an Arcaibh, agus san ùine bhig a dh'fhalbh rinn i obair aig a' 'Chomposers' Lab' aig Fèill Film Eadar-Nàiseanta Dhùn Eideann 2013. Tha ùidh làidir aice ann an ceòl a chruthachadh airson suidheachaidhean taobh a-muigh tallaichean consairt traidiseanta. Tha i air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseactan ann an sgoiltean is choimhearsnachdan. Tha seo a' chiad turas a tha i air a bhith an sàs ann an pròiseact Ghàidhlig, agus tha i glè thoilichte pàirt a ghabhail ann!