Naomi Harvey

Co-ordanaiche Choimhearsnachdan Eadar-Nàiseanta & Tasglannaiche Thar-mheadhanach

Tha Naomi na seinneadair agus neach-ciùil traidiseanta, agus fhuair ise ann an sàs le Struileag tron obair a tha i air a dhèanamh air diofair pròiseactan cultarach. Am measg na pròiseactan seo tha Tobar an Dualchais, far a robh i ag obair mar neach-chatalog digiteach air clàraidhean de dh'òrain is sgeulachdan a chaidh a dhèanamh le Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Eideann, agus bha i cuideachd na rannsaiche air tasglann air-loidhne Cruinneachadh Calum MhicGhille Eathain. San ùine bhig a dh'fhalbh, tha i air a bhith ag obair mar rannsaiche airson Ceòlas, fèis-ciùil a tha stèidhichte ann an Uibhist sna h-Eileanan Siar, far a robh i ag obair air cothroman a thoirt dhan choimhearsnachd ionadail a bhith ag ionnsachadh mun òrain bhon sgìre aca fhèin.

Èisd ris a' cheòl aice an seo

Tha Gàidhlig fileantaich aice - fhuair i an ceum as àirde san Roinn Ealan aig Oilthigh Glaschu - agus tha i na seinneadair chomasach. Bha i a' fuireach airson bliadhnaichean ann am Beinn na Faoghla far a robh i na oileanach air an cursa-ciùil aig a' cholaisde an sin agus dh'ionnsaich i mòran bho seinneadairean ionadail an àite. Bidh i a' seinn còmla ris a' chòmhlan-ciùil Lurach, a tha air nochdadh aig fèilltean ciùil mòra agus cuideachd air BBC Alba. Bidh i cuideachd a' teagasg clasaichean seinn gu tric, aig a' 'Glasgow Fiddle Workshop' agus aig fèilltean air feadh na h-Alba.