Jim Sutherland

Sgriobhadair-Ciùil & Stiùiriche Ealantais

Tha Jim Sutherland na sgrìobhaiche-ciùil air leth, a' sìor-phutadh air crìochan chultair agus stoidhle. Tha e air ceòl a sgrìobhadh airson film, teilibhisean, tachartasan mhòra agus cuirmean nàiseanta. Tha e a' nochdach air barrachd air dà cheud clàran-ciùil mar fear-ciùil, sgrìobhaiche-ciùil agus riochdaire. Tha e air a bhith ag obair còmhla ri cuid dhen luchd-ciùil as fhearr san t-saoghail. Thòisich e a-mach a' cluich ceòl traidiseanta na h-Alba, ach tha e cuideachd a' toirt a-staigh ceòl ealactronaigeach, orcastrail, roc agus pop.

Bidh Jim a' cruthachadh ceòl airson tachartasan mòra ioma-chultarach a leithid La Banda Europa agus an True North Orchestra. A-measg an obair nochdte aige a rinn e anns an ùine bhig a dh'fhalbh, sgrìobh e dà òran airson an fhilm Disney/Pixar 'Brave' a sheinn Julie Fowlis. Sgrìobh e ceòl cuideachd airson Marseilles, Ceann-Bhaile Chultarach Eòrpach 2013 air a robh na Pillars of Hercules, a chaidh a chluich le orcastra le ionstramaidean dùthchasail bho diofair dhùthchannan mun cuairt a' Mhuir Meadhanach. Ann an 2013 fhuair e coimisean pios ciùil a' sgrìobhadh mar gibht bho Rioghaltas na h-Alba gu Doire ann an Èireann a Tuath air an robh 'An Turas'.