Caomhin MacNèill

Stiùiriche Bhàrdachd

Tha Caoimhin MacNèill na ùghdar, na sgrìobhaiche-dràma, na dheasaiche agus na sgrìobhaiche-liric. Rugadh agus thogadh e ann an Leòdhas agus tha e a-nis a' fuireach ann an Lunainn. Bhuannaich e Duais Bhàrdachd Eadar-nàiseanta 'Tivoli Europa Giovani' airson a' chiad leabhar bhàrdachd aige, 'Love and Zen in the Outer Hebrides', agus fhuair an dà nobhail aige; 'The Stornoway Way' agus 'A Method Actor's Guide to Jekyll and Hyde', deagh mhòlaidhean bho luchd-sgrùdaidh. Chaidh an obair aige eadar-theangachadh agus fhoillseachadh ann an dùthchanan eile air feadh an t-saoghail.

Rinn e clàr còmhla ri Willie Campbell air a bheil 'Kevin MacNeil and Willie Campbell are Visible from Space' agus mheas Steve Lamacq, an Guardian agus The List fear dhe na h-òran air mar 'Òran na Seachdainne'. Tha e an drasta na Sgrìobhaiche air Mhuinntireas aig Oilthigh Kingston, agus tha e cuideachd air a bhith ag obair mar oraide aig an Oilthigh Dhun Eideann, agus na Sgrìobhaiche air Mhuinntireas airson Comhairle Bhreatainn aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain.