Kathleen NicAonghais

Seinneadair

Tha Kathleen NicAonghais air a meas mar tè dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san linn seo. Rugadh 's a thogadh i ann an Uibhist a Deas sna h-Eileanan Siar, àite ainmeil airson òran is ciùil Gàidhealach. Sgaoil i a' chiad clàr aice, 'Òg-Mhadainn Shamhraidh' ann an an 2006, agus chaidh ainmeachadh san aon bhliadhna mar Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na Trads. Thàinig an darna clàr aice, Cille Bhrìde, a-mach ann an 2012. Tha iomadh neach-ciùil ainmeil a' nochdadh air a' chlàr seo, nam measg John McCusker, Michael McGoldrick, Donald Shaw, Iain Dòmhnallach agus Cathy Ann Nic a' Phì. 'Se actair a th'innte cuideachd agus bidh i tric a' nochdadh air programman air BBC Alba.