Calum Barker

Seinneadair

'Sann as an Eilean Dubh a tha Calum Barker. Tha e air a bhith a' seinn còmhla ri diofar buidhnean seinn ann an sgìre Ionbhair Nìs, a leithid Canntaireachd, Còisir G agus aig iomadh Fèis. Tro na còmhan sin, tha e air pàirt a ghabhail ann an fèilltean a leithid Belladrum agus Blas. Tha e air a bhith air a chuairteachadh le òrain is ceòl fad a bheatha - tha a mhàthair agus an dithis phiuthar aice ainmeil airson seinn cuideachd. Aig aois 19, tha e a' dèanamh ceum ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Dè.