Alasdair MacIlleBhàin

Seinneadair

Thogadh Alasdair MacIlleBhàin ann am Muile agus tha còmhnaidh an teaghlaich san t-Sàilean. Bha ùidh mhòr aige san dualchas agus sna h-òrain bho aois òg agus choisinn e Bonn Òr a’ Chomuinn ann an Dùn Omhain ann an 2006 is e 19 bliadhna a dh’aois. Tha Alasdair na òranaiche is na sgrìobhaiche-ciùil agus sgaoilteadh a chiad chlàr, Las,air a bheil an dà chuid òrain à sgìreachd àraich agus a chuid òrain fèin, san Dùbhlachd 2012. Bidh dleastanasan tric air na bhritheamh aig Mòdan ionadach agus aig a’ Mhòd Nàiseanta.

Bidh Alasdair a’ stiùireadh bhùithtean-obrach cànain agus seinn agus, san Iuchair 2012, chuirteadh cuireadh thuige clasaichean a stiùireadh aig Seachdain Ghàidhlig Beinn Sheanar ann am Banner Elk, Carolina a Tuath. Sa Ghiblean 2013, dh’iarrtadh air a bhith na riochdaire-ciùil do dh’Alba aig a’ Chòmhdhail Cheiltich sa Chòirn. A thuillidh air nam pròiseactan ciùil, tha Alasdair na rannsaiche ann an roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu an-dràsta far an do thòisich e air ollamhachd san Dàmhair2012.

Tha Alasdair ri lorg air facebook