Ailean Dòmhnallach

Seinneadair, Neach-ciùil & Bàrd

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Ged a bhiodh e a' gabhail pàirt ann an farpaisean, rinn e mòran airson dòighean ùra agus diofraichte de chluich a thoirt a-steach do shaoghal nam pìobairean anns na 1970an agus na 1980an. Tha e air mòran rannsachadh a dhèanamh a thaobh ciamar a tha dòighean air ceòl mòr a chluich an-diugh eadar-dhealaichte bho na dòighean cluich a bh' ann aig toiseach na h-ochdamh linn deug.

Tha e air dà CD a dhèanamh còmhla ris an t-seinneadair Maighread Stiùbhart. Tha e cuideachd air 'The Moidart Collection' I & II, cruinneachaidhean de puirt pìoba, a chur an clò. Tha fèill air mar phìobaire, mar sheinneadair agus mar fhear-teagasg aig fèisean is sgoiltean air feadh an t-saoghail. Tha e a' teagasg aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba (an RSAMD) agus ann an Ionad na Pìobaireachd an Glaschu.