Su-a Lee

Neach-ciùil

Rugadh Su-a Lee ann an Coireà agus dh'ionnsaich i cello aig Sgoil Ciùil Chethams agus aig Sgoil Juilliard ann an New York. Rinn i imrich gu Alba, far a bheil i a' cluich còmhla ri Orcastra Seòmair na h-Alba. Tha i air cluich fada air feadh an t-saoghail, bho Aimeireaga a Deas dhan Chearcall Arctach.

Ged a tha i gu tric a' cluich ceòl chlasaigeach, tha i cuideachd comasach air iomadh ghnèidhean ciùil a chluich, agus bidh i a' cluich airson pròiseactan teatar, dannsa agus film. Tha fèill mhòr oirre ann an saoghal ciùil thraidiseanta cuideachd, agus bidh i cluich còmhla ri Lau agus Mr McFall's Chamber. Tha ùidh mhòr aice cuideachd ann an obair a dhèanamh còmhla ri luchd-ciùil òga, a leithid NYOS agus an Icelandic National Youth Orchestra.