Seonaid Aitken

Neach-ciùil

'Sann à Fìobha a tha Seonaid Aitken. Tha i na seinneadair, na sgriobhaiche-ciùil agus bidh i a' cluich na fidhle agus a' mheur-chlàr. Tha i aithnichte mar neach-ciùil comasach agus bidh i tric a' nochdadh air clàran a' cluich ceòl-taic. Tha clàr aice fhèin air a bheil 'Souvenir' agus bidh i sgaoilteadh DVD a dh'aithghearr air a bheil 'Stage & Screen'.

Rinn i treànadh aig Sgoil Guildhall ann an Lunainn, agus tha i air a' bhith a' cluich air feadh an t-saoghail agus bha i na neach-ciùil air mhuinntireas ann an Iapan agus Las Vegas. Tha còmhlan-ciùil aice ann an Glaschu air a bheil 'Rose Room' agus bi i tric a' cluich leis a' seinneadair ainmeil Roddy Woomble. Tha i air ceòl a sgrìobhadh agus a chur air dòigh airson telebhisean agus teatar.