Rachel Newton

Seinneadair & Neach-ciùil

Tha Rachel na seinneadair, clarsair agus fìdhleir à Dhun Èideann. Chaidh a’ chiad chlàr aice, The Shadow Side, a mholadh mar ‘Clàr na Bliadhna’ aig Na Trads ann an 2012, agus chaidh a thaghadh anns an iris fRoots mar ‘Taghadh Liosta-Cluich’. Bhathar ga mheasadh mar ‘clàr iongantach agus inbheachail’

Chaidh Rachel dhan sgoil ainmeil 'City of Edinburgh Music School', far a robh i ag ionnsachadh clàrsach, fidheall, meur-chlàr agus seinn. As dèidh sin, rinn i ceum ann an ceòl ann an Newcastle. Bidh i a' cluich còmhla ris na còmhlan-ciùil The Shee agus Emily Portman Trio.