Patsy Reid

Neach-ciùil

Tha Patsy Reid tè dhe na fidhleirean as cliùitiche agus as suaicheanta ann am Breatainn. Tha i comasach air a dà chuid ceòl thraidiseanta agus chlasaigeach agus tha i air cluich còmhla ri Kathryn Tickell, Alasdair Fraser, Karen Matheson, Michael McGoldrick agus Zakir Hussain. Bidh i a' cluich còmhla ri Breabach agus VAMM, dà còmhlan-ciùil a tha air iomadh duais a bhuannachadh. Bidh an clàr aice fhèin, 'The Brightest Path', air a chur ma sgaoil ann an 2014.

Fhuair Patsy ceum le urram ann an Ceòl bho Oilthigh Strath Chluaidh ann an 2004. A bharrachd air cluich is clàradh an taca ri luchd-ciùil a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, tha i air iomadh coimisean a dhèanamh airson Celtic Connections agus chaidh i air turas gu ruige na h-Innsean còmhla ris a' Chomhairle Bhreatnach.