Matheu Watson

Neach-ciùil

Tha Matheu Watson fear dhe na luchd-ciùil as miadhaile agus as comasaiche san dùthaich. Bhon a bha e sia bliadhn deug, tha e air a bhith a' siubhail air feadh an t-saoghail, a' clàradh air fichead clàran, agus tha e air nochdadh air telebhisean is rèidio còmhla ri cuid dhen na luchd-ciùil as fheàrr san t-saoghail, a leithid Zakir Hussain, Michael McGoldrick, Fred Morrison, Julie Fowlis agus Tim O' Brien.

A bharrachd air sin, tha e air dà chlàr aige fhèin a chlàradh a tha air am moladh gu h-àrd. Air an darna clàr aige, Dunrobin Place, chluich e agus chlàr e a h-uile ionnstramaid leis fhèin san stiùideo dhachaigh aige.