Jim Rattigan

Neach-ciùil

Dh'ionnsaich Jim Rattigan a bhith a' cluich na dùdach Fhrangach aig Trinitiy College agus aig an Acadamaidh Riòghal ann an Lunainn. Nuair a dh'fhàg e colaisde, thòisich e a bhith a' cluich còmhla ri orcastran simfonianach ann an Lunainn. Bha e san RPO airson sia bliadhna.

Tha Jim air a chluich fad air feadh an t-saoghail, leis fhèin mar jazz soloist agus cuidheach còmhla ri iomadh còmhlan-ciùil. Tha e air a bhith an sàs ann an ceòl airson filmichean, nam measg James Bond, Lord of the Rings, Shrek agus Batman. Tha e air ceòl a sgrìobhadh airson telebhisean agus radio, agus tha e air a bhith ag obair còmhla ri iomadh seinneadairean 'pop' a leithid Shirley Bassey, Paul McCartney, Tom Jones, Damon Albarn agus Adele.