Iain Sandilands

Neach-ciùil

Bhon a fhuair e ceum bhon RSAMD ann an 2001, tha Iain Sandilands air a chluich is a chlàradh ann an iomadh ghnèithean ciùil. Bidh e tric a' cluich còmhla ris a' BhBC Scottish Symphony Orchestra, Scottish Chamber Orchestra, Mr McFall’s Chamber agus Red Note Ensemble. A thaobh ceòl thraidiseanta, tha e air nochdadh air na clàran aig Jenna Reid, Rachel Walker agus Alistair McCulloch. Aig Celtic Connections ann an 2013, bha e a' cluich còmhla ri Aonghas Lyon, còmhla ri Karine Polwart agus còmhla ris a' 'Shetland Bus' le NYBBS. San ùine bhig a dh'fhalbh, rinn e obair còmhla ri "Sensory-O", buithean-obrach is consairtean a tha Opera na h-Alba a' dhèanamh airson pàistean beaga, agus nochd e aig Fèille Eadar-nàiseanta ann an Hong Kong.

Tha e air chluich aig fèilltean mhòra a leithid T in the Park agus Connect, agus bidh e tric a' cluich ann an taighean-cluich cuideachd. Tha e na thìdsear cuideachd, agus tha e air a bhith ag obair airson RSAMD Youthworks agus Fèis Tiree am measg feadhainn eile.