Fraser Fifield

Neach-ciùil

Bidh Fraser Fifield a' cluich tòrr ionnstramaidean-ciùil annasach, eadar a' phìob mhòr is a' phìob bheag, fideagan, sacsofon, kaval (ionstramaid à Bulgairia) agus innealan-faraim. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl eleactronaigeach agus teicneolas agus air sailleabh sin bidh e ag obair tric mar riochdaire air clàran airson luchd-ciùil eile agus cuideachd bidh e a' sgrìobhadh ciùil airson nam meadhannan.

Mar sgrìobhaiche ciùil, tha Fraser air an ceòl a tha air na ceithir clàran aige fhèin a sgrìobhadh, agus rinn e iomadh choimisean airson telebhisean agus airson fèilltean. Chaidh ainmeachadh mar 'Neach-Ciùil na Bliadhna' aig Na Trads ann an 2009, agus mar 'Sgrìobhaiche-Ciùil na Bliadhna' ann an 2010.