Euan Burton

Neach-ciùil

Tha Euan Burton air a bhith fear dhe na prìomh luchd-ciùil ann an Alba airson faisg air deich bliadhna. Bidh e a' cluich na beus-fidhle agus a' bheus-dealain, agus fhuair e duais airson 'Emerging Artist' aig Duaisean Jazz na h-Alba.

Tha Euan air ceithir clàran a chlàradh aige fhèin, agus tha e air cluich air barrachd air fichead clàran eile, nam measg clàran le Aly Bain is Phil Cunningham, Texas, Tom Gibbs agus Cruinn. Bidh e tric a' cluich còmhla ris na còmhlan-ciùil Salt House, Fiona Hunter Band agus Rua MacMillan Big Band.