Anna-Wendy Stevenson

Neach-ciùil

Na fìdhleir agus na sgrìobhaiche-ciùil, tha Anna-Wendy Stevenson bhon treas ginealach san teaghlach Stevenson a tha a' dèanamh ciùil. Tha i a' nochdadh air iomadh clàr, nam measg an clàr aice fhèin agus rinn i cuideachd clàr anabarrach brèagha, 'Gowd and Silver' còmhla ri a seanair, an sgrìobhaiche-ciùil ainmeil Ronald Stevenson.

Tha i air iomadh turas a ghabhail air feadh an t-saoghail agus tha i air a bhith a' cluich aig na prìomh fèilltean de cheòl thraidiseanta. Fhuair i deagh mholadh bho Phrìomh-Ministear na h-Alba Alex Salmond airson coimisean a rinn i airson Celtic Connections, 'My Edinburgh' agus chaidh a mholadh mar Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna le BBC Alba. 'Sna laithean-sa, tha i na stiùiriche-cùrsa air a' chùrsa-ciùil ùr, cudthromach 'BA(Hons) in Applied Music' aig Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean.