Alan Emslie

Neach-ciùil

Bidh Alan Emslie a’ cluich innealan timpani air feadh an t-saoghal le orcastran a leithid Le Concert d’Astree, Dunedin Consort agus Arcangelo. Chuir e pròiseact ceòl-meatailt air dòigh air a bheil 'Plastic Noose' agus tha e cuideachd na cho-riochdaire, drumair agus neach-faramach san còmhlan-ciùil jazz-roc The John Irvine Band.

Tha e air a shiubhail air feadh an t-saoghail, a' cluich ann an tallaichean ainmeil a leithid Carnegie Hall ann an New York is iomadh àitean eile ann an Aimeiriga, Canada, Sìne, Iapan agus an Lochlann. Bidh e cuideachd a' sgrìobhadh ciùil airson film is telebhisean, agus tha e cuideachd ag obair mar riochdaire air clàran airson luchd-ciùil eile. Bidh Alan a' cluich cymbals le Sabian a-mhàin.