A' Chuirm

“A' cuir ris ar dualchas chulturach, an àite gèilleadh dha a-mhàin”

Siubhal còmhla ruinn air turas fada gu saoghal nan Gàidheal, sluagh a tha sgapte air feadh a' chruinne…

A-mach as a' cheò-mhòine, tha seann dòighean a' lorg àite ann an saoghal ùr de gloinne agus meatailt. Cluinnear guthan ann an cànain mhàthaireil os cionn glaodhaich is gailleann an t-saoghail mhòr.

Làn gu spreidheadh le òrain chumhachdach, iomhaighean iongantach agus dannsa ùr-ghnàthach, tha Struileag/Cladach gu Cladach mar laoidh saoghalta do shliochd nan Gàidheal, a' siubhal tro eachdraidh agus thàiris air mòr-thìrean an t-saoghail. Aig a cridhe, tha sgeulachd dhomhainn agus bhrìoghmhor mu dheidhinn gaol, teaghlach, eilthireachd, call, dòchas agus neart a bhios a h-uile duine tuigsinn.

Air innse tro mheadhan na Gàidhlig, bidh an cuirm seo a' cliùiteachadh agus a' rannsachadh dè cho cudthromach sa tha cainnt-mhàthaireil a thaobh cultur agus fèin-aithneachadh. Bidh Struileag/Cladach gu Cladach fear dhe na prìomh thachartasan ann an Tilleadh Dhachaidh na h-Alba 2014.

Tha a' chuirm seo air a bhith a chruthachadh thar dà bhliadhna. Tha sinn air bàrdachd agus sgeulachdan a choimiseanadh bho barrachd air 20 sgrìobhadairean, eadar bàird ainmeil agus sgrìobhadairean ùra. Tha sgriobhadair-ciùil ainmeil Jim Sutherland air ceòl ùr a dhèanamh mar freagairt dha na sgeulachdan is dàin seo, agus bidh 20 dhen luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba ga chur air an àrd-ùrlar.