Chan eil eachdraidh air a fàgail san àm a dh'fhalbh – tha sinne ga dèalbhadh an-diugh!

Pass the Struileag

San àm a dh'fhalbh, bha Gàidhlig air a bruidhinn air feadh na h-Alba, agus an-diugh, tha sliochd nan Gàidheal a' fuireach fad is farsaing air feadh an t-saoghail. Theirear 'Diaspora Gàidhlig na h-Alba' ris an t-sluagh sgapte tha seo. Tha Struileag/Cladach gu Cladach a' dealbhachadh mapa dhen diaspora iongantach seo, a' dèanamh cheanglaichean eadar dhaoine a tha a' faireachdainn dluth ris a' chultur a tha mar phàirt dhen DNA aca.

Chan fheum Gàidhlig a bhith agad gus pàirt a ghabhail anns a' phròiseact again!

Cuir d'ainm fhèin air a' mhapa agus sgaoil an sgeul agad fhèin air an làraich iongantaich againn Shore to Shore . Faodaidh sibh dealbhan, eachdraidhean, sgeulachdan èibhinn is a leithid a lorg agus a lòdadh suas dhan làraich.

Chaidh 'Children of The Smoke', cuirm mhòr le ceòl is òrain Ghàidhlig ùra, a chumail aig àm Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheas ann an 2014 ann an Glaschu.

Bheir sùil air a' choimhearsnachd air-loidhne againn air facebook.

Struileag: An imaginary boat passed around at a ceilidh or other gathering. When you have sung or told a story, you'd say "cuiream struileag seachad orm gu..." "I pass on the struileag to..." for the next person to do a turn.